Coimisean Fearainn na h-Alba – Ainm Gàidhlig, ach an e sin e?

Anns a’ Bhile Ath-leasachaidh Fearainn a chaidh fhoillseachadh o chionn ghoirid tha ullachaidhean cudromach airson fearainn na h-Alba. Ma thèid a cur an gnìomh, nì i ath-leasachadh air an lagh ceangailte ri aontaidhean àiteachais, riaghladh cìse oighreachdan spòrs am measg tòrr eile.

Tha rud eile anns a’ bhile: moladh Coimisean Fearainn na h-Alba a stèidheachadh. Mar a tha e sgrìobhte bidh ainm Gàidhlig aig a’ Choimisean a-rèir reachd, ach sin an aon uair a nochdas a’ Ghàidhlig anns a’ Bhile. Chan eil feum air eòlas Gàidhlig a bhith aig ball CFA. Gabhaidh argamaid làidir a dhèanamh gum bu chòir riatanas mar sin a bhith innte.

Tha diofar riatanasan reachdail gum feum neach labhairt Gàidhlig a bhith air buidhnean rianachd croitearachd (fo na diofar ainmean Ùghdarras nan Croitearan agus Coimisean nan Croitearachd) agus Cùirt an Fhearainn an Alba fad bhliadhnaichean. Tha ceangal mar sin le diofar bhuidhnean fearainn Albannaich.

Tha inbhe agus cor na cànain air atharrachadh rè na bliadhnaichean bho na chaidh lagh croitearachd agus Cùirt Fhearainn na h-Alba a chur air bhog. Tha seo a’ ciallachadh nach eil an aon fheum air neach labhairt Gàidhlig air adhbharan conaltraidh ri linn ‘s gu bheil Gàidhlig agus Beurla, no dìreach Beurla, ann an sgìrean a bha Gàidhealach gu tradaiseanta. Tha e soilleir gu bheil nas lugha feum practaigeach air neach labhairt Gàidhlig am measg Coimiseanairean Fearainn na h-Alba.

Ge-tà, a-rèir Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus dleastanasan Riaghaltas na h-Alba (agus gu dearbh Riaghaltas an RA) feumar taic a chumail ri mion-chànanan aig ìre eadar-nàiseanta. Mar sin gabhaidh argamaid a dhèanamh gum bu chòir co-dhiù tuigsinn air a’ Ghàidhlig a bhith am measg luchd-obrach a’ Choimisein agus gu bheil feum air a leithid anns an reachdas fhèin. ‘S dòcha gum b’ urrainnear a ràdh nach eil feum air dealas sònraichte dhan Ghàidhlig anns an reachdas seo ri linn ‘s gu bheil structar leasachaidh farsainn airson a’ Ghàidhlig anns an latha a th’ ann. Ach bhiodh dealas poblaich don chànan agus an coimhearsnachdan a tha ga cleachdadh, a bharrachd air leantainn riaghlaidhean croitearachd agus Cùirt an Fhearainn an Alba, gu math freagarrach agus feumail.

Anns an seadh buannachdan co-aimsireile do Choimisean Fearainn na h-Alba bho dhealas don Ghàidhlig, ‘s dòcha gun gabhadh tuigsinn air ainmean àite Gàidhlig a sgaoileadh agus mothachadh air eachdraidh an fhearainn is mar a bha e air a chleachdadh.

‘S dòcha gum biodh buannachdan eile don chànan agus cultar na h-Alba ach tha iad doirbh a mheasadh agus a thomhais agus mar sin cha bhiodh buaidh practaigeach aca air obair làitheil Coimisean Fearainn na h-Alba sam bith. Mar sin cha tèid an cnuasachadh an seo.

Tha modail dealas don Ghàidhlig sìmplidh: faic earrann 1(5) Achd Cùirt an Fhearainn an Alba 1993 agus earrann 4 Achd Croitearan (Alba) 1993. (Chan eil an dàrna eisimpleir ceart cho iomachaidh an seo air sgàth gu bheil taghadh na lùib seach cur an dreuchd.)

Tha an t-àm agus suidheachadh ceart do Riaghaltas na h-Alba dealas soilleir a dhèanamh dhan Ghàidhlig mar chànan bheò. An gabh iad an cothrom?

Tha a’ puing seo air a cnuasachadh nam fhreagairt gu Gairm Fianais Riaghaltais na h-Alba.

Mòran taing do mo bhràthair Coinneach a chuidich leis a’ Ghàidhlig ach tha uallach ormsa airson mearachdan sam bith.

ENGLISH SUMMARY

This blog suggests that the Scottish Land Commission that is proposed by the Land Reform Bill should have a specific commitment to Scots Gaelic beyond a Gaelic title, drawing an analogy with the provision for Gaelic in the Scottish Land Court Act 1993 and the Crofters (Scotland) Act 1993. Whilst it is acknowledged that there might not be as pressing a need for Gaelic in terms of a need to communicate, there are other arguments for the express inclusion of a commitment to Gaelic in the legislation: both in terms of a legal commitment to a minority language and perhaps even in terms of a knowledge of place names. This will form part of my submission to the Scottish Government’s Call for Evidence on the Land Reform Bill.

Thanks to my brother Coinneach for his help with the Gaelic. The usual disclaimer applies: all mistakes are my responsibility.

About basedrones

Bachelor of Laws. Scots academic lawyer. English law qualified. Took far too long to write this bio. Blogs on legal issues, with occasional veering into other purportedly intellectual stuff from time to time. Tweets about legal issues, education, law clinics, fitba, music, rogue cell division and not at all about politics at @MalcolmCombe.
This entry was posted in Gaelic, Land Reform and tagged , , . Bookmark the permalink.

5 Responses to Coimisean Fearainn na h-Alba – Ainm Gàidhlig, ach an e sin e?

  1. Pingback: Land Reform Bill – Response to Call for Evidence | basedrones

  2. Pingback: Scots Gaelic, Scots law and Scots attitudes | basedrones

  3. Pingback: Coimisean Fearainn na h-Alba – Ainm Gàidhlig: sin e | basedrones

  4. Pingback: Bu chòir Bile Ath-Leasachaidh an Fhearainn atharrachadh airson Coimiseanair Gàidhlig | basedrones

  5. Pingback: RACCE Committee Stage 1 Report on the Land Reform Bill | basedrones

Leave a comment